Friday 13 November 2015

Deasbad 2015

Bha dà sgioba againn san deasbad am bliadhna.  Chaidh Catrìona is Mikaela ann a-rithist, is Cara is Amy son a' chiad uair.  Chòrd an turas riutha gu mòr, ged nach do chòrd am breithneachadh!  Seo agaibh aithisg ghoirid bho Chara is Amy mun chiad turas aca.





Chòrd an turas miorbhaileach seo rinn gu mòr. A chiad latha, bha an dithis againn uabhasach nearbhach, air sgàths nach robh sinn riamh air deasbad roimhe. Ach, an dèidh dhuinn crìoch a chur air a’ chiad deasbad, mhothaich sinn nach robh e idir cho dona ‘s a bha sinn an dùil. ‘S e cothrom sgoinneil a bh’ann daoine ùra a choinneachadh bho feadh na dùthcha agus caraidean ùra a dhèanamh. Bha a h-uile duine cho laghadh agus càirdeal dhuinn, agus bha gach sgioba a cur taic dhan a h-uile sgioba eile, mar sin bha faireachdainn de choimhearsnachd shnog ann. Cha d’rinn sinn cho math ‘s bha sinn an dòchas sa chiad deasbad, ach, dh’èist sinn ri beachdan nam britheamhan  agus mar sin cha robh sinn cho nearbhach agus rinn sinn nas fhearr air an dara latha. Bha an dithis againn glè dheidheil air a’ bhiadh, sa Chaladh agus an Lanntair! An dèidh iomgain nan deasbadan, bha dinnear agus ceilidh spòrsail ann agus bha cothrom againn fois a ghabhail. Bha ceòl agus dannsa na ceilidh sònraichte math, leis leithid de shàr-chluicheadairean agus seinneadairean mar sin ‘s e oidhche làn craic a bh’ann. Abair ‘after-party’ a bh’ann aig Tescos agus an residents lounge, ‘s a h-uile sgoil a measgachadh ‘s a bruidhinn ann an Gàidhlig! Cha robh am pleana dhachaigh a’ còrdadh rinn cho mòr sin, agus ‘s e turas gu math inntinneach a bh’ann far an do leasaich sinn ar sgilean Gàidhlig, agus bruidhinn air beulaibh na luchd-èisteachd. Tha sinn an dùil tilleadh an ath bhliadhna gus barrachd ionnsachadh mu bhith deasbad, agus gus ar caraidean ùra fhaicinn a-rithist.

Cara and Amy thoroughly enjoyed their trip to the National Debate in Stornoway.  Despite their first round nerves, they both gave brilliant performances.  As well as the competitive element of the event, they were pleased to get the opportunity to meet other young Gaelic speakers.  Stornoway Tesco was another highlight, apparently!

Cara NicLusgaidh agus Amy NicIlleChiar