Wednesday 13 March 2019

Clasaichean Eachdraidh - dè na tha iad air a bhith ris?


Seo agaibh naidheachdan bho chlasaichean eachdraidh Mhiss NicÌomhair.


Here’s an update from Miss MacIver’s history classes…William Wallace, John Balliol and JFK have all been under the scrutiny of our young Gaelic-speaking Historians!


S1 Eachdraidh

Ciamar a dh’adhbharraich gaol bàs Rìgh Alasdair III?
Uilleam Uallas – gaisgeach no glaoic?
Dè dìreach cho fìor 's a tha am fiolm Braveheart?

‘S iomadh ceist a th’ air nochdadh san t-seòmar-teagaisg Eachdraidh againn thairis air mìosan a’ gheamraidh agus S1 ag ionnsachadh mu Chogaidhean Neo-eisimileach na h-Alba! Thòisich sinn le bhith a’ coimhead air beatha Rìgh Alasdair III agus mar a dh’adhbhraich a bhàs cùis èiginneach ann an Alba. Dh’ionnsaich an clas gun deach iarraidh air Rìgh Eideard I à Sasainn rìgh ùr ainmeachadh ’s mar a chleachd esan an suidheachadh èiginneach aig Alba gus Iain Balliol a chur os cionn na dùthcha ‘s làmh an uachdar fhaighinn.#

An uair sin – air adhart gu Sruighlea! Rinn an clas deagh oidhirp pìos sgrìobhaidh argamaideach a dhèanamh mu dheidhinn na adhbharran eadar-dhealaichte a bhuannaich arm na h-Alba Blàr Drochaid Shruighlea. Cho-dhùin an clas cuideachd nach eil am fiolm ainmeil Braveheart idir cho fìor ‘s a bha dùil (carson nach do chuir iad drochaid san t-sealladh mu Bhlàr Drochaid Shruighlea?!). Bhon uair sin tha an clas air ionnsachadh mu schiltrons – modh sabaid ainmeil bho Bhlàr na h-Eaglaise Brice - ‘s rinn iad fhèin sgrùdadh air dè cho èifeachdach ‘s bha e mar dhòigh shabaid. A bharrachd air litreachais, chleachd an clas an cuid sgilean matamataig airson claidheamhean a chruthachadh a-mach à pàipear a bha a' ruighinn an aon àrd ri claidheamh Uilleam Uallas. Nach iad a rinn obair mhath dheth!  Bidh sinn a’ gluasad oirnn a-nis gu Raibeart Brus agus Bannockburn!

S2 Eachdraidh

Connspaid. Foill. Murt. Teòiridhean.

Thairis air teirm a’ gheamraidh, tha S2 air a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn aon de na cùisean as connspaidiche ann an eachdraidh - cò a mhurt JFK?

Leis nach eil eòlaichean-eachdraidh fhathast air aonta a ruighinn mu dheidhinn “co rinn e?” bha feum aig sgoilearan sgrùdadh a dhèanamh air an fhiosrachaidh ’s an fhianais a chaidh fhàgail air an latha ainmeil ud nuair a chaidh Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte a mharbhadh ann an Dallas, Texas. Chuir an clas iomadh casaid an aghaidh bhuidhnean eadar-dhealaichte - an FBI, an dùthaich Cuba agus fiù ‘s a’ bhean Jackie O!

Aig deireadh an aonaid, chaidh dùbhlan a chur air beulaibh nan sgoilearan aithisg a sgrìobhadh a dhearbhadh na beachdan aca fhèin mun bhàs. Mar a thèid fhaicinn – bha beachdan agus teòiridhean gu leòr aca mun chùis!

Tha sinn a-nis a’ gluasad oirnn gus ionnsachadh mu chòirichean sìobhalta sna Stàitean Aonaichte.

Miss NicÌomhair - Cuspairean Sòisealta

Monday 4 March 2019

Òraid aig Oilthigh Dhùn Èideann



Bidh an ath thachartas anns an t-sreath sheiminearan air poileasaidh cànain againn air Diardaoin 7 Màrt, nuair a bhruidhneas

Iain Caimbeul à Oilthigh na Gaidhealtachd's nan Eilean air a' chuspair

'Leasachadh eacanomaigeach agus a' Ghàidhlig: o shealladh an latha an-diugh chun a-màireach'.

Tòisichidh an seiminear aig 1715 ann an Tùr Appleton, seòmar 2.14, Oilthigh Dhùn Èideann.


Fàilte ron a h-uile duine. Tha sinn an dòchas ur faicinn ann.


Tuilleadh fiosrachaidh aig: https://www.ed.ac.uk/literatures-languages-cultures/celtic-scottish-studies/events/language-policy-seminars-2019

Tuesday 26 February 2019

Clubaichean is tachartasan eile

Airson fios, bidh na clubaichean seo a' ruith tron t-seachdain:


Diluain (àm bìdhe, 2.24) Buidheann seinn Ghàidhlig
Dimàirt (àm bìdhe, 2.24) Taic le obair-dhachaigh/deuchainnean
Diciadain (às dèidh na sgoile, astroturf) Club Iomain
Diardaion (àm bìdhe 2.24) Buidheann leughaidh Ghàidhlig


A brief overview of extra-curricular Gaelic-related activities at JGHS:

Monday lunchtime in 2.24 - Gaelic Singing Group
Tuesday lunchtime in 2.24 - Homework/Study Support
Wednesday after school on the astroturf - Shinty Club
Thursday lunchtime in 2.24 - Gaelic reading group


Ath-bheothachadh!

Uill, tha e air a bhith caran sàmhach an seo bho chionn goirid!  Tha sinn an dùil a bhith a' cur ris a' bhlog seo gu tric bho seo a-mach...

Bha oidhche air leth againn aig deireadh an Fhaoillich, air an robh 'Ceòl, Craic is Càise'.  Chuala sinn ceòl is sgeulachdan air leth is thug Mr. Walker seachad òraid chumhachdail san do dh'inns e dhan luchd-èisteachd mu na thachair dha mhac, Lennox.  Chaidh an oidhche a chur air dòigh airson airgead a thogail dhan ospadal 'Sick Kids', san d' fhuair Lennox cùram rè na strì a bh' aige ri aillse. 

Chòrd an oidhche ris a h-uile duine gu mòr is bha e gu sònraichte snog a bhith a' faicinn Lennox air an àrd ùrlar cuide ri a charaidean.  Tha sinn a' dèanamh fiughair ri Clas 7 tòiseachadh san àrd-sgoil gun teagamh - abair gaisgich!  'S fhiach a ràdh cuideachd gun deach còrr is £3,000 a thogail - taing mhòr dhan a h-uile duine a bha an sàs.




Welcome back to the JGHS Gaelic blog - we'll do our best to keep you updated with all that is going on at the school.  We were delighted to hold a concert in aid of the Sick Kids Hospital, where a young member of our Gaelic community received such excellent care.  The music, stories, food and raffle were fantastic and over £3,000 pounds was raised!  Keep an eye out for our next concert.