Friday 12 December 2014

Còcaire na bliadhna

Tha a' chiad bhliadhna air a bhith a' sgrìobhadh reasabaidhean mar phàirt den aonaid a tha iad a' dèanamh air òrdughan is gnìomhairean.  Bha cothrom aca reasabaidhean a thaghadh air an robh iad measail agus iad sin a chur gu Gàidhlig.  Chunnaic sinn measgachadh mòr is farsaing sa chlas agus bha sinn fortanach gu leòr gun tug aon ghaisgeach a' flapjack aige a-steach dhan chlas airson 's gum faigheadh sinn cothrom am biadh a bhlasadh, a bharrachd air an reasabaidh a leughadh.  Saoil an tèid againn fhìn air a dhèanamh aig an taigh - bha e uabhasach blasta!

Flapjack teòclaid le Calum Iain Moireach

S1 have been busy in class writing their recipes as part of the 'Orders' unit.  Calum Iain Murray even went to the trouble of bringing in a sample of his recipe to share with the class!  This delicious recipe will surely be getting tried out by some other members of the class (including the teachers) given how tasty it was.


Thursday 4 December 2014

Deasbad BT Alba le Mikaela


Ghabh mi fhein is Catriona NicGriogair pàirt ann an Deasbad Naiseanta BT am bliadhna-sa ann an Steòrnabhagh is Dun Eideann. Bha a’ chiad ’s an dàrna chuairt ann an Leòdhas agus bha sinne a’deasbad mu dheidhinn phrògraman còcaireachd is bèicearachd is an t-siostam foghlam a th’againn. Fhuair sinn troimhe don iar-chuairt deireanach ann an Ionad nan Sgeulachdan ann an Dùn Eideann.

Thug an deasbad oirnn ar sgillean labhairt a chleachdadh is bha feum agam rannsachadh a dhèanamh gu mionaideach ann ùine gu math goirid. Dh’iarr e cuideachd oirnn obrachadh air ar ceasnachadh. 

Cha robh sinn riamh air deasbad sam bith a dhèanamh is mar sin bha e gu math inntinneach fhaicinn mar a bha e ag obair agus mar a bha sgoiltean eile a’ deasbad. Bha ìre gu math àrd ann agus bha feum again a bhith ag amas air a sin. Cha robh sinn idir an dùil dhèanamh cho math ’s a rinn sinn. 

A bharrachd air an adhartachadh a rinn sinn a thaobh ar sgillean, thug e cuideachd cothrom dhuinn coinneachadh ri tòrr dhaoine ur bho air feadh na dùthca.
Chòrd e rinn glè mhath agus tha sinn an dòchas tilleadh an ath bhliadhna ma ’s urrainn dhuinn.

Mikaela Carmichael gives an account of her debate experience.  Both she and Catriona thoroughly enjoyed the experience.  They were pushed hard in terms of their debating and researching skills, and were very successful despite their inexperience.  Meeting young Gaels from across the country was a particular highlight and opened their eyes to the growth of the language among young people.  They both hope to get a chance to go one better next year and make it to the final!



Monday 17 November 2014

Deasbad - Debate

Theid iar-chuairt dheireannach an Deasbaid Naisteanta a chumail ann an Ionad nan Sgeulachdan air an 25mh den t-Samhain aig 1830.  Thigibh ann airson ar dithis sgoilear fhaicinn air an ard-urlar!  Bidh a' chuairt dheireannach air a chraoladh beo bhon Pharlamaid aig 1830 air an 26mh den t-Samhain.

The semi-final of the National Debate will take place in the Storytelling Centre on the Royal Mile at 1830 on the 25th of November - please come along and support our two pupils, Catriona and Mikaela.  The final will take place in the parliament the following evening at 1830 and will also be broadcast live on BBC Radio nan Gaidheal.

Saturday 8 November 2014

Mios eile, naidheachdan ura!

Abair thusa gu bheil e doirbh a bhith ag innse mun a h-uile rud a tha a’ tachairt san sgoil an-dràsta, is an uidhir a' dol.

An toiseach, mealaibh ur naidheachd a h-uile duine agaibh a bha an sàs sa Mhòd.  Bha sgoilearan Ghilleasbuig soirbheachail mar às àbhaist agus taing dhan h-uile duine a bha an sàs sa ghnothach.

Bu mhaith leinn cuideachd ar dùrachdan a thoirt air Mgr Neithercut agus Laura aig an robh leanabh bho chionn goirid.  Tha Euphemia (Effie) agus a màthair gu sunndach, dòigheil ged a tha Mgr N. rud beag sgìth!


Agus mu dheireadh, tha sinn toilichte innse gun d’rinn Mikaela Nic Ille Mhìcheil is Catrìona Nic Griogair a’ chùis ann a bhith a’ faighinn gu iar-chuairt dheireannach an Deasbaid Nàiseanta.  ’S e euchd mhòr a tha seo nuair a chìthear na sgoiltean eile air an d’rinn iad a’ chùis.  Bidh an iar-chuairt dheireannach ann air an 25mh den t-Samhain ann an Ionad nan Sgeulachdan agus a’ chuairt dheireannach an ath latha sa Phàrlamaid.

http://www.deasbadbtalba.com/


Another month gone, another load of news to report!
- Congratulations to all who were involved in the Mòd, a great year was had again
- Congratulations to Mr. Neithercut and Laura who are the proud parents of baby Euphemia (Effie), mother and daughter doing well, Mr. Neithercut somewhat tired, but very happy!
- Mikaela Carmichael and Catriona MacGregor are in the semi-final of National Debate (25 November at Story Telling Centre, final is 26th in Parliament).

Monday 20 October 2014

Sgrìobhadair Òg Soirbheachail!

Meal do naidheachd Fhionnlaigh Chunniffe a fhuair 'Duais nan Sgrìobhadairean Òga' am bliadhna.  'S e sàr-sgrìobhadair a th' ann gun teagamh agus bheir an duais seo cothrom dha a bhith ag obrachadh air na sgilean sgrìobhaidh aige le luchd-proifeasanta tron bhliadhna.

http://www.scottishbooktrust.com/writing/opportunities-for-writers/gaelic-young-writers-awards



Congratulations to Finlay Cunniffe who won the 'New Writers Award' this year.  This award will give him the chance to work on his writing skills and work with professionals from the industry.

http://www.scottishbooktrust.com/writing/opportunities-for-writers/gaelic-young-writers-awards

Tuesday 30 September 2014

Failte air ais!



Duilich nach deach mòran a sgrìobhadh air a’ bhlog bho chionn goirid!  Tha cùisean air a bhith cianail fhein trang mar às àbhaist.

An toiseach, bu mhaith leinn fàilte chridheil a chur air Mgr. Neithercut a tha air tilleadh an dèidh bliadhna ann am Forfair.  Tha Mgr. Charity gu sònraichte toilichte gu bheil cuideigin eile san roinn a-rithist!

Tha sinn a-nis a’ teannadh air làithean-saora eile, ach tha an t-uabhas air tachairt bhon a thill sinn as deidh an t-samhraidh…

Chaidh sgoilearan S2/3 dhan fhèis leabhraichean airson Màrtainn Mac An t-Saoir fhaicinn, còmhla ri sgoilearan Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu – turas gu math inntinneach.

Chunnaic S5/6 dealbh-cluich ‘MacBeatha’ – an dealbh-chluich aig Shakespeare sa Ghàidhlig.  Ged a bha a’ chainnt caran doirbh a thuigsinn, chòrd an gnothach ris na sgoilearan glè mhath, is deagh chleasachd ri fhaicinn.

Ghabh Fionnlagh agus Roise pàirt san fharpais labhairt ‘Ri Chèile’ ann an Glaschu, far an do bhruidhinn iad air Mac an t-Srònaich (Fionnlagh) agus ceanglaichean eadar Gàidhlig is Gaeilge (Roise) air beulaibh sgoilearan agus tidsearan à Alba is Eirinn.  Ged a bha eagal am beatha orra, nach iad a bha math!

Fhuair sinn a-mach an-diugh gun robh sinn gu math soirbheachail ann am farpais bhàrdachd ‘Struileag’ far an do bhuannaich Fionnlagh a’ chiad duais agus Mikaela an dara duais!  Abair deagh naidheachd.

Tha na sgoilearan cuideachd trang ag ullachadh airson FilmG – tuilleadh dhuaisean air fàire ’s dòcha!
Sin agaibh blasad dhe na tha a’ dol san sgoil, agus feuchaidh sinn a bhith sgrìobhadh air a seo rud beag nas trice, fhad’ s a shocraicheas cùisean!

Apologies for the lack of activity on the blog!  Things will hopefully settle down now with the welcome return of Mr Neithercut.

A lot has happened since we returned from the summer holidays, including:
- S2/3 Book Festival trip
- S5/6 Gaelic Macbeth play at the festival
- Ri Cheile speaking competition with Scottish and Irish schools
- Finlay and Mikaela's prize winning poetry (Struileag)
- FilmG prep

We will do our best to keep this blog up-to-date!
Roise holding court at the Ri Cheile speaking competition 

Friday 27 June 2014

Samhradh!!! Saor-làithean!!! Spòrs!!!

Abair bliadhna a bha againn aig Ard Sgoil Sheumais Ghilleasbuig!  Tha sinn an dòchas gum bi deagh làithean-saora agaibh uile. Na bu thràithe am-bliadhna-sa, thug sinn soraidh slàn do dhithis cheatharnaich a thug buaidh mhòr air Gàidhlig aig an sgoil, Mgr Carruthers agus Mgr Stiùbhart. Tha doirbh a chreidsinn gur e dà bhliadhna bhon a thug iad sinne gu Conamara airson turas air leth (còmhla ri A' Bhean Ni Fallùin). Tha sinn a' guidhe gach sonas dhaibh anns an àm ri teachd.  Tha Mgr Charity air a bhith caran aonaranach o chionn ghoirid ach tha caraidean ùra (agus seann charaidean) a' tighinn airson a chumail toilichte an ath bhliadhna - bidh barrachd naidheachd againn anns a' Bhliadhna (sgoil) Ùir!

PS Soraidh slàn le a' Bhean NicSuain aig Taobh na Pàirce cuideachd! Gur math thèid leibh!






What a year for Gaelic at James Gillespie's High School! Enjoy the Summer break! A belated farewell to two of our teachers, Mr Carruthers and Mr Stewart, who we will both miss tonnes for all the hard work they did for Gaelic in the School. Hard to believe it is two years since the awesome Connemara trip! Best wishes to them both!  Mr Charity has been lonely recently, but he has some new friends (and some old friends) coming to keep him company next year.  More news after the summer! Gabh spòrs!

Wednesday 11 June 2014

Geamannan a' Cho Fhlaitheis



Tha sgoilearan air an treas bhliadhna ag ionnsachadh mu gheamannan a' Cho Fhlaitheis, is iad a' toirt sùil air na dùthchannan a tha an sàs ann agus na spòrsan a tha na lùib.  Eadar postairean snasail, prògraman t.bh. sgoinneil agus scrioptaichean geura, tha iad air a bhith gu math dripeil!  Seo agaibh aon eisimpleir…

 https://vimeo.com/97908628

The 3rd years have been working hard on their Commonwealth Games unit.  Between informative posters, superb tv coverage and some sharply written scripts, they have been very busy!  Here is one example.

https://vimeo.com/97908628