Monday 23 September 2013

Co-fhairpisean is cothroman


Dh’fhàg Laura Nic a’ Phearsain agus Lola Stahl an sgoil tràth an-diugh, a’ dèanamh air Beul Feairste.  Tha iad gus pàirt a ghabhail san fhairpis bhlaidhnail ‘Ri Chèile’ far am bi sgoilearan na Gàidhlig agus na Gaeilge a’ tighinn còmhla gus an sgilean labhairt a thaisbeanadh.  Bruidhnidh sgoilearan air diofar chuspairean, a thaghadh iad fhèin, is thèid am breithneachadh a-thaobh susbaint, stoidhle agus mar sin air adhart.

Gura math thèid leotha!

Tha AS2 cuideachd a’ dol a bhith ag obair air pròiseact an co-bhonn le Alba Aosmhor, far am bi iad a’ cruthachadh leabhair mu Mhàiri Banrìgh na h-Alba – tuilleadh fiosrachaidh ri thighinn!

An teirm ùr


Tha gnothaichean gu math diofraichte am bliadhna aig Àrdsgoil Sheumais Ghilleasbuig.  Tha an sgoil a-nis suidhichte eadar dà làrach, is na sgoilearan ann an AS4-AS6 shìos an rathad anns an togalach ris an canar ‘Darroch’.

Ged a tha seo air a bhith caran àraid, tha tidsearan agus sgoilearan a’ fàs cleachdte ris.

Chan e sin an t-aon rud a dh’atharraich am bliadhna ge-tà – gu mì-fhortanach (dhuinne) ghluais Mgr. Neithercut à dh’Fhorfair a dhol an ceann a chosnaidh san Àrdsgoil an sin.  ’S e call mòr a tha sin dhan sgoil seo, ach tha sinn a’ guidhe gach soirbheas dha na dhreuchd ùr.

Chuir sinn fàilte air na sgoilearan mu dheireadh bho Chrois na Cìse cuideachd, is tha iad a’ dèanamh glè mhath gu ruige seo.  Tha e gu math brosnachail a bhith a’ faicinn àireamh nan sgoilearan a’ dol am meud.

Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bliadhna thrang, shoirbheachail eile!