Bha deireadh teirm air leth inntinneach agus spòrsail againn am bliadhna-sa:
- Thàinig Eoghan MacEanruig bhon chòmhlan Mànran dhan sgoil airson coinneachadh ris an dara bhliadhna. Chuir na sgoilearan ceistean air Eoghan is bha iad fortanach gun tug e leis fhidheall is fhuair sinn port no dha cuideachd! (we were treated to a visit by Ewan Henderson from Manran, with a question and answer session followed by a few tunes!)
- Rinn S2 an Taghadh acasan mar phàirt dhen chùrsa Nuadh-Eòlas is seo na buill pàrlamaid a' bruidhinn ri na bhòtairean (clas S1) (S2 Mock Elections took place)
- Chòrd an turas dhan Eilean Sgitheanach ris a h-uile duine, ged a bha Mgr Neithercut a' fàs fada ro dheidheil air an t-sabhs! (Mr Neithercut hitting the sauce in Skye)