Tuesday 30 September 2014

Failte air ais!



Duilich nach deach mòran a sgrìobhadh air a’ bhlog bho chionn goirid!  Tha cùisean air a bhith cianail fhein trang mar às àbhaist.

An toiseach, bu mhaith leinn fàilte chridheil a chur air Mgr. Neithercut a tha air tilleadh an dèidh bliadhna ann am Forfair.  Tha Mgr. Charity gu sònraichte toilichte gu bheil cuideigin eile san roinn a-rithist!

Tha sinn a-nis a’ teannadh air làithean-saora eile, ach tha an t-uabhas air tachairt bhon a thill sinn as deidh an t-samhraidh…

Chaidh sgoilearan S2/3 dhan fhèis leabhraichean airson Màrtainn Mac An t-Saoir fhaicinn, còmhla ri sgoilearan Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu – turas gu math inntinneach.

Chunnaic S5/6 dealbh-cluich ‘MacBeatha’ – an dealbh-chluich aig Shakespeare sa Ghàidhlig.  Ged a bha a’ chainnt caran doirbh a thuigsinn, chòrd an gnothach ris na sgoilearan glè mhath, is deagh chleasachd ri fhaicinn.

Ghabh Fionnlagh agus Roise pàirt san fharpais labhairt ‘Ri Chèile’ ann an Glaschu, far an do bhruidhinn iad air Mac an t-Srònaich (Fionnlagh) agus ceanglaichean eadar Gàidhlig is Gaeilge (Roise) air beulaibh sgoilearan agus tidsearan à Alba is Eirinn.  Ged a bha eagal am beatha orra, nach iad a bha math!

Fhuair sinn a-mach an-diugh gun robh sinn gu math soirbheachail ann am farpais bhàrdachd ‘Struileag’ far an do bhuannaich Fionnlagh a’ chiad duais agus Mikaela an dara duais!  Abair deagh naidheachd.

Tha na sgoilearan cuideachd trang ag ullachadh airson FilmG – tuilleadh dhuaisean air fàire ’s dòcha!
Sin agaibh blasad dhe na tha a’ dol san sgoil, agus feuchaidh sinn a bhith sgrìobhadh air a seo rud beag nas trice, fhad’ s a shocraicheas cùisean!

Apologies for the lack of activity on the blog!  Things will hopefully settle down now with the welcome return of Mr Neithercut.

A lot has happened since we returned from the summer holidays, including:
- S2/3 Book Festival trip
- S5/6 Gaelic Macbeth play at the festival
- Ri Cheile speaking competition with Scottish and Irish schools
- Finlay and Mikaela's prize winning poetry (Struileag)
- FilmG prep

We will do our best to keep this blog up-to-date!
Roise holding court at the Ri Cheile speaking competition