Wednesday 15 January 2014

Bliadhna Mhath Ùr agus Seann Bhliadhna Ùr Mhath cuideachd! SeumasGilleasbuig Vimeo

Fàilte air ais dhan sgoil airson 2014. Tha bliadhna mhòr romhainn ann an Alba am bliadhna-sa! Tha an ceathramh bliadhna a-mach an-dràsta air forladh nan deuchainnean agus bidh an fheadhainn air As5/6 a' falbh a dh'aithghearr.

https://vimeo.com/jghsgaidhlig
Tha Roinn na Gàidhlig air mòran iomairtean ùra a thoiseachadh bho chionn fhada agus tha sinn toilichte a ràdh gu bheil cunntas Vimeo againn far am bi sinn a' foillseachadh tòrr den stùth air leth a bhios ar sgoilearan a' dèanamh le teicneòlas agus na sgilean cleasachd aca.

Bho chionn ghoirid, bha As2 an-sàs ann am pròiseact far an robh iad a' dèanamh sgeulachdan beul-aithris. Bha seo air leth spòrsail agus tha cuid mhath de na bhideothan ri fhaicinn air Vimeo. Cuideachd, rinn iad aithrisean air an t-Earrach Arabach ann an Nuadh-eòlas agus sanasan mu stùth meanbh-chuileag nas tràithe sa bhliadhna.

Rinn AS1 tòrr fhiolmeadh am bliadhna-sa cuideachd. Tha sinn a' coimhead air adhart ri am filmG aca fhaicinn. Air Vimeo, chìthear grunn de na sanasan sàbhailteachd a rinn iad mar phàirt den aonad "Ordughan".

Cuideachd, tha fiolm no dhà eile ann bhon dà bhliadhna mu dheireadh. Tha sinn an dòchas gun còrd iad ri daoine.


Happy New Year! A big year ahead for Scotland and the Gaelic Department have launched a new Vimeo channel to showcase the great work our learners do within our courses. We hope you enjoy the videos, some of the acting is brilliant!