Sunday 22 December 2013

Nollaig Chridheil bho Sheumais Ghilleasbuig


Abair teirm thrang againn aig Àrd Sgoil Sheumais Ghilleasbuig, agus a-nise tha an cothrom aig a h-uile duine rud beag fois fhaighinn mus till sinn ann an 2014!  Madainn Dimàirt, thàinig sinn còmhla ri chèile le Bun Sgoil Taobh na Pàirce airson Seirbhis Nollaig na Gàidhlig aig Eaglais nam Manach Liath - rinn Mikaela, Eòghainn Webster, Amy is Elleigh agus Ceitidh is Sìne na leughaidhean às a' Bhiobuill agus fhuair iad tòrr moladh ri linn sin. Chòrd e glan ris na sgoilearan a bhith ag èisteachd ri coisir nan tidsearan bun sgoile cuideachd. ’S truagh nach d' rinn Mgr Charity is mgr Stiùbhart duet coltach ri Daibhidh Bowie is Bing Crosby.


Air oidhche mhàirt ge-tà, bha sluagh làidir de sgoilearan Gàidhlig ri fhaicinn air an àrd-ùrlair aig Talla Usher airson consairt na Nollaig. A-measg an iomadh Gàidheal an-sàs ann am pìobaireachd, clarsach agus seinn, bha an luchd-èisteachd uile den bheachd gun robh a' Choisir Ghàidhlig cho binn is cho ceòlmhor ri càil a chuala iad riamh. Mìle taing gu Gillie NicLosgaidh airson a h-uile taic.


Tha FilmG air a bhith a' dol agus tha tòrr phròiseactan air a bhith a' dol, Bidh AS2 a' nochdadh ann an Rionnag Trek - seo na caractaran ainmeil Mgr Gun Sgot, Caiptean Cearc agus Mgr Spòg. Bidh cothrom ann bhòtadh dhaibh sa Bhliadhna Ùir.


Tha 2013 air a bhith na bliadhna air leth airson Gàidhlig ann an Dùn Èideann agus tha foghlam. Gàidhlig san sgoil air ceumannan mòra a ghabhail. Bu toigh leis a h-uile sgoilear Gàidhlig agus luchd-obrach na Gàidhlig gach beannachd is dùrachd a ghuidhe dhaibh airson na Bliadhna Ùire. Gu math fada beò sibh is ceò às bhur taigh! 

Cat ann an Ceap! Gaelic Staff and Pupils wish you a Merry. Christmas and a successful and blessed  New Year. We have had a lot of happenings recently with the Christmas Service, the Christmas Concert (with the all conquering Gaelic choir) and of course, FilmG and our Star Trek and I'm A Celeb tributes!