Tuesday 3 December 2013

Ri Cheile - Beal Feirste 2013


Aig deireadh na Sultaine, ghabh Lola Stahl agus Laura Nic a’ Phearsain pairt anns a’ cho-fharpais oraid Ri Chèile ann am Beal Feirste ann an Èirinn a Tuath. Fhuair an sgoil cuireadh oir chum sinn an co-fharpais a-bhos ann an Dun Eideann ann an 2012.

 
‘S e turas air leth a bha seo, far an robh co-fharpaisichean o Èirinn agus Alba a’ toirt seachad oraidean ann an Gaidhlig agus Gaeilge. ‘S e na cuspairean a bha aca “Dileab Puinnseanta Bhreatainn dhan t-Saoghal” aig Lola agus “Harry Dòigheil – A bheil sinn feumach air One Direction na Gaidhlig?” Ged nach do bhuannaich iad, fhuair iad moladh mòr o na britheamhan.


Chaidh an co-fharpais a chumail ann an Sgoil Naomh Dominic air Bothar na bhFal (Falls Road). ‘S e sgoil eireachdail a bha seo agus fhuair iad fàilte chrìdheil. Aig aon am, bha an t-àite gu math cunnartach ach on a thainig sìth gu Eirinn a Tuath, tha Gaeltacht ann agus bha an t-aite gu math beòthail le sgoilearan agus oileanaich mun chuairt. Bha Gaeilige air feadh an aite. Chu Thadhail na sgoilearan air an Cultarlann, aonad cultarach Gaeilge ann an cridhe a’ bhaile mhòir far an cuala iad mu eachdraidh na Gaeilge ann an Eirinn a Tuath.  Bha seo glè inntinneach. Bha iad ann air an oidhche cuideachd airson ceilidh far an do sheinn Mgr Stiùbhart!

 

Air an latha mu dheireadh, thadhail na sgoilearan air an taisbeanadh air leth, Titanic Belfast. Chaidh an long ainmeil seo a thogail ann am Beal Feirste agus ‘s e togalach eireachdail a tha ann a bhios a’ sealltainn dè cho mòr sa bha an long ainmeil mus deach e fodha sa Chuan Siar ann an 1912. Bha Mgr Stiùbhart a’ seinn a-rithist, an trup seo Celine Dion!

Rinneadh mòran charaidean ùra air an turas agus dh’ionnsaicheadh tòrr mu dheidhinn cultar nan Gaidheal ann an duthaich eile.

Mìle Taing do Gael Linn, Foras na Gaeilge agus Comunn na Gàidhlig airson a h-uile càil a chur air dòigh.