Thursday 25 February 2016

Oidhche nan Duaisean - The Award Ceremony le Sìne NicGriogair



FILM G        
    
                                                           
Air ais anns an Damhair, bha an cothrom aig sianar againn bhon treas bhliadhna fiolm proifeiseanta a dhèanamh le taic bho FilmG. Ged a bha e uabhasach spòrsail aig an àm, cha robh dùil againn gum biodh dad mòr a’ tighinn as. Cha robh dùil a riamh againn gun deidheadh sinn fiù ’s ainmeachadh ach coimheadaibh dè thachair! Rinn sinn am film airson ar sgilean Gàidhlig agus drama a leasachadh, ach fhuair sinn dhan Old Fruitmarket ann an Glaschu airson oidhche uabhasch spaideil gu dearbh.

Chaidh ar suidhe aig bòrd leinn fhìn, le sealladh sgoinneil air an stèids. Dh’fhairich sinn uile an àile, a bha mar dealain. Chuidich e gun robh sinn uile a faireachdain leòmach sna dreasaichean againn. Chòrd e rinn uile gun robh an cothrom againn leigel le ar dreasaichean solas an latha fhaicinn!
Thòisich an oidhche le rud beag aithris bho na preasantairean, le deise agus dreasaichean a theab ar dèanamh dall! Chuala sinn cuideachd bho Alasdair Allan, a dh’innis dhuinn mu an luach mhòr a th’aig ar cànan. Aig deireadh na h-aithris aige, chuala sinn ainm ar film, ‘An Tè Uaine’ agus Àrd Sgoil Sheumais Gilleasbuig! Cha robh fios againn dè bha tachairt, ach mar a dh’ionnsaich sinn, bhuannaich sinn an duais airson Gàidhlig as fhèarr. ‘S e a chiad duais a bh’ann, mar sin cha robh fios againn dè dhèanadh sinn. Shuidh sinn anns na seathraichean againn agus mu dheireadh thall, chaidh sinn suas air an stèids agus leugh a h-uile tè againn a-mach ar n-òraid, dìreach mar a rinn sinn a h-uile càil anns am fhilm – còmhla. 

A’ coimhead air ais, bha sinn uabhasach fortanach gun d’fhuair sinn ar duais aig toiseach na h-oidhche, or b’urrainn dhuinn suidhe air ais aig fois, a’ coimhead air na fiolmaichean agus an còrr den oidhche sgoinneil. 

Le Sheena ‘Khamoon’ NicGriogair

Thanks to Sheena MacGregor for her report on the FilmG Awards Ceremony.  The girls really enjoyed the occassion, which seems to have been a very glamarous affair.  Thanks also to Catriona Gracie for taking the girls and supervising!