Thursday 7 November 2013

Deasbad BT Alba ann an Steornabhagh





Mar as àbhaist, chaidh an sgoil a riochdachadh aig Deasbad Nàiseanta BT Gàidhlig ann an Steòrnabhagh.  Am-bliadhna-sa, bha Gàidhlig Dhùn Èideann ga riochdachadh le Fionnlagh Cunniffe agus Raonaid Gracie on Chòigeamh Bliadhna agus ‘s math rinn iad ged a fhuair iad a’ bhròg o na britheamhan anns a’ chiad chuairt.
‘S e am moladh a bha aca, “Tha leasanan còcaireachd dhan a h-uile sgoilear nas cudromaiche na leasanan spòrs.” B’ fheudar dhaibh a dhol an aghaidh an t-seasaimh sin ge-tà, rud a bha gu math inntinneach airson Raonaid mar nighean tidseir eaconamas dachaigh!  Bha deasbad gu math faisg ann le Acadamaidh Hazlehead à Obar Dheathain agus ged a fhuair Fionnlagh tòrr moladh on luhd-èisteachd airson co-dhùnadh a rinn e suas air an spot, bha na britheamhan a’ coimhead son rudeigin eile agus fhuair Obar Dheathain troimhe.

An ath latha, fhuair iad an cothrom tadhal air Sgìre Nis còmhla ri Dòmhnall MacSuain on program teilidh, “Co-fharpaisean Chon-Chaorach” agus dh’inns e dhaibh mu dheidhinn dualchas is eachdraidh na sgìre. Thadhail iad air Comunn Eachdraidh agus air an taigh-sholais aig Rubha Robhanais agus air lot Dhòmhnaill, ged nach robh obair rùsgaidh no dupadh ri dhèanamh, ged a choinnich iad cearc is caora.
Rinn Fionnlagh agus Raonaid mòran charaidean ùra cuideachd air an oidhche aig ceilidhean agus chord an turas air fad riutha.  Taing do Mhgr Stiùbhart airson an toirt ann.

Bidh an iar-chuairt-dheireannach agus cuairt-dheireannach de Dheasbad BT Alba gan cumail anns a’ bhaile seo fhèin air 26 is 27 den t-Samhain, ‘s e Sgoil MhicNeacail, Sgoil Bhagh a’ Chaisteil, Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu agus Sgoil Lionacleit a rainig an ìre sin.. Feuch gun tèid thu, do phàrantan no do phàistean ann airson an tachartas iongantach seo.


Rachel Gracie and Finlay Cunniffe from S5 boldy represented the school at the BT National Gaelic Debates and were very unlucky to go out in the first round. They spent the next day in Ness learning about the history of the area. They enjoyed the trip and made many good friends.  The final rounds of the debate will be held in Edinburgh itself on 26 & 27 November.DEASBAD BT ALBA