Monday 23 September 2013

An teirm ùr


Tha gnothaichean gu math diofraichte am bliadhna aig Àrdsgoil Sheumais Ghilleasbuig.  Tha an sgoil a-nis suidhichte eadar dà làrach, is na sgoilearan ann an AS4-AS6 shìos an rathad anns an togalach ris an canar ‘Darroch’.

Ged a tha seo air a bhith caran àraid, tha tidsearan agus sgoilearan a’ fàs cleachdte ris.

Chan e sin an t-aon rud a dh’atharraich am bliadhna ge-tà – gu mì-fhortanach (dhuinne) ghluais Mgr. Neithercut à dh’Fhorfair a dhol an ceann a chosnaidh san Àrdsgoil an sin.  ’S e call mòr a tha sin dhan sgoil seo, ach tha sinn a’ guidhe gach soirbheas dha na dhreuchd ùr.

Chuir sinn fàilte air na sgoilearan mu dheireadh bho Chrois na Cìse cuideachd, is tha iad a’ dèanamh glè mhath gu ruige seo.  Tha e gu math brosnachail a bhith a’ faicinn àireamh nan sgoilearan a’ dol am meud.

Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bliadhna thrang, shoirbheachail eile!