Wednesday 13 March 2019

Clasaichean Eachdraidh - dè na tha iad air a bhith ris?


Seo agaibh naidheachdan bho chlasaichean eachdraidh Mhiss NicÌomhair.


Here’s an update from Miss MacIver’s history classes…William Wallace, John Balliol and JFK have all been under the scrutiny of our young Gaelic-speaking Historians!


S1 Eachdraidh

Ciamar a dh’adhbharraich gaol bàs Rìgh Alasdair III?
Uilleam Uallas – gaisgeach no glaoic?
Dè dìreach cho fìor 's a tha am fiolm Braveheart?

‘S iomadh ceist a th’ air nochdadh san t-seòmar-teagaisg Eachdraidh againn thairis air mìosan a’ gheamraidh agus S1 ag ionnsachadh mu Chogaidhean Neo-eisimileach na h-Alba! Thòisich sinn le bhith a’ coimhead air beatha Rìgh Alasdair III agus mar a dh’adhbhraich a bhàs cùis èiginneach ann an Alba. Dh’ionnsaich an clas gun deach iarraidh air Rìgh Eideard I à Sasainn rìgh ùr ainmeachadh ’s mar a chleachd esan an suidheachadh èiginneach aig Alba gus Iain Balliol a chur os cionn na dùthcha ‘s làmh an uachdar fhaighinn.#

An uair sin – air adhart gu Sruighlea! Rinn an clas deagh oidhirp pìos sgrìobhaidh argamaideach a dhèanamh mu dheidhinn na adhbharran eadar-dhealaichte a bhuannaich arm na h-Alba Blàr Drochaid Shruighlea. Cho-dhùin an clas cuideachd nach eil am fiolm ainmeil Braveheart idir cho fìor ‘s a bha dùil (carson nach do chuir iad drochaid san t-sealladh mu Bhlàr Drochaid Shruighlea?!). Bhon uair sin tha an clas air ionnsachadh mu schiltrons – modh sabaid ainmeil bho Bhlàr na h-Eaglaise Brice - ‘s rinn iad fhèin sgrùdadh air dè cho èifeachdach ‘s bha e mar dhòigh shabaid. A bharrachd air litreachais, chleachd an clas an cuid sgilean matamataig airson claidheamhean a chruthachadh a-mach à pàipear a bha a' ruighinn an aon àrd ri claidheamh Uilleam Uallas. Nach iad a rinn obair mhath dheth!  Bidh sinn a’ gluasad oirnn a-nis gu Raibeart Brus agus Bannockburn!

S2 Eachdraidh

Connspaid. Foill. Murt. Teòiridhean.

Thairis air teirm a’ gheamraidh, tha S2 air a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn aon de na cùisean as connspaidiche ann an eachdraidh - cò a mhurt JFK?

Leis nach eil eòlaichean-eachdraidh fhathast air aonta a ruighinn mu dheidhinn “co rinn e?” bha feum aig sgoilearan sgrùdadh a dhèanamh air an fhiosrachaidh ’s an fhianais a chaidh fhàgail air an latha ainmeil ud nuair a chaidh Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte a mharbhadh ann an Dallas, Texas. Chuir an clas iomadh casaid an aghaidh bhuidhnean eadar-dhealaichte - an FBI, an dùthaich Cuba agus fiù ‘s a’ bhean Jackie O!

Aig deireadh an aonaid, chaidh dùbhlan a chur air beulaibh nan sgoilearan aithisg a sgrìobhadh a dhearbhadh na beachdan aca fhèin mun bhàs. Mar a thèid fhaicinn – bha beachdan agus teòiridhean gu leòr aca mun chùis!

Tha sinn a-nis a’ gluasad oirnn gus ionnsachadh mu chòirichean sìobhalta sna Stàitean Aonaichte.

Miss NicÌomhair - Cuspairean Sòisealta