Tuesday, 6 May 2014

Iomain/Shinty



Tha iomain air a bhith a’ dol fad mhìos a-nis agus tha sinn fhathast a’ lorg chluicheadaran, ùr no eòlach!  Dihaoine às dèidh na sgoile aig Thirlestane.  Feuch gun tig sibh ann a h-uile seachdain gus am faigh sinn air gèam a chur an òrdugh.

Shinty is, once again, underway.  We are still recruiting new players.  We currently have a reasonable and steady turnout, however if a few more can get involved, we can start to look at setting up games.  Please try and come every week to get some consistency and continuity!

Mod, Farpaisean is Deuchainnean!



Duilich nach deach mòran a sgrìobhadh air a’ bhlog bho chionn goirid, tha cùisean air a bhith gu math trang san sgoil! 

An toiseach bu mhaith leinn taing mhòr a thoirt do mhuinntir a’ Mhòid airson a h-uile càil a rinn iad son an fharpais a chur an òrdugh, gu h-àraidh leis na thachair ann an Liberton.  Thaitinn an latha ris na sgoilearan gu mòr, is bha iad uabhasach pròiseil a thilleadh dhan sgoil gus innse mar a chaidh dhaibh.  A-rithist, ’s e cothrom sònraichte a tha seo dha na sgoilearan na sgilean aca a chur gu feum taobh a-muigh na sgoile agus tha sinn fada an comann na feadhainn a tha ga ruith.
 
Is chan eil an strì is an fhairpis deiseil fhathast.  Fhuair sinn fios an t-seachdain-sa mu thrì diofar fharpaisean sgrìobhaidh:

·         Farpais bhàrdachd Struileag http://www.struileag.com/gd/Bardachd/Farpais-Bhardachd

·         Farpais Gheamannan a’ Cho-Fhlaitheis http://www.storlann.co.uk/gcf/index.html#.U2jFf-KLK7s

Farpais sgrìobhaidh Chlas (bidh a h-uile sgoilear ann an AS1/2 ga dèanamh!)

Bidh cothrom aig sgoilearan tagradh a chur a-steach dha na farpaisean seo mar a thogras dhaibh fhèin, is gheibh iad làn taic san sgoil ann a bhith deisealachadh air an son.

Mu dheireadh, ar beannachdan leis na sgoilearan a tha an ìmpis na deuchainnean aca a shuidhe!  'S iad an fheadhainn a th’ air a’ cheathramh bhliadhna a tha a’ dèanamh N5 airson a’ chiad uair, an fheadhainn air a’ chòigeamh bhliadhna a tha a’ dèanamh Àrd-Ìre agus an fheadhainn shean air an t-siathamh bhliadhna a tha a’ dèanamh Sàr-Àrd-Ìre.  Gura math thèid leotha, agus cuimhnichibh gum faod iad tighinn dhan sgoil airson tuilleadh taic fhaighinn ma tha sin a dhìth orra!

Apologies for the quiet spell on the blog, things have been rather hectic in school with exam preparation and all the other things that are going on.

We would like to thank and congratulate the hard-working folk who organised the Mod; another successful year was had, despite the difficulties faced.  All the children invovled were very positive about the experience, and as a school we are delighted they have the chance to put their skills to use to a different audience.  

There are a number of writing competitions running at the moment.  Please see the links for more details:

Struileag Poetry Competition 
http://www.struileag.com/en/Poetry/Poetry-Competition

 Commonwealth Games competition  http://www.storlann.co.uk/gcf/index.html#.U2jFf-KLK7s

CLAS writing competition (this will be prepared during class time)

All pupils are at liberty to apply for these competitions and will receive support in class for their entries, although only the CLAS one will actually be prepared in class time.

Finally, we would like to wish all pupils sitting Gaelic exams the best of luck.  There is still time to come into school for extra help! 

Tuesday, 18 March 2014

Mod Dhun Eideann

Chan eil Mod Dhun Eideann fad' air faire a-nis.  Tha sinn an dochas gun gabh moran sgoilearan pairt san fharpais am bliadhna.  Ma tha foirmichean a dhith air duine sam bith, gheibhear bho Mgr. Charity iad no air larach-lin a' Mhoid!

http://edinburghlocalmod.wordpress.com/mod-2014-2/clar-eagair-syllabus-2014/

The Edinburgh Mod is fast approaching.  All pupils are encouraged to take part in the Mod, either by volunteering or competing or both.  Entry forms and further info can be obtained from Mr. Charity or at the above link.

Thursday, 6 February 2014

Mod Ionadail Dhun Eideann

Chan fhada gus am bi Mod na bliadhna ann, agus tha sinn a' deanamh fiughair ris, gun teagamh.  San eadar-ama, carson nach cuiribh a-steach tagradh dhan fharpais leine-t?  Gheibhear na foirmichean bhon sgoil.  Fiosrachadh gu h-iosal!

This year's Mod is fast approaching and we are all looking forward to it.  In between times, why not put an entry into the annual t-shirt competition?  Details below.



RIAGHAILTEAN / RULES:

You should design a t-shirt which represents our local Mod. The design will be central on the front of the t-shirt. It should also contain the words Mòd Ionadail Dhùn Èideann 2014

Entries must be on A4 paper. Use a maximum of three colours

The winning design will be printed on t-shirts for
Mòd Ionadail Dhùn Èideann 2014

Entries will be judged by two professional artists

The winner will receive a free t-shirt and art materials

The Mod Committee reserves the right to use the designs in Mod publicity and to display entries

Entry Fee £1 - Only one entry per person


** Cheques should be made payable to An Comunn Gaidhealach (Meur Dhùn Eideann) **

PLEASE RETURN COMPLETED ENTRY FORM, £1 ENTRY FEE and A4 DESIGN TO:


Judith Macdonald

5/11 Powderhall Brae

Edinburgh EH7 4GE
OR entries will be collected by Mr Charity
CLOSING DATE : Wednesday 12th February 2014

late entries cannot be accepted

Wednesday, 29 January 2014

BHOT AIRSON SHEUMAIS GHILLEASBUIG AIG FILMG!



Tha na fiolmaichean FILMG againn air loidhne a-nise agus tha sinn an dòchas gum bhòt sibh dhuinn!
Tha ceithir fiolmaichean uile gu leìr ann:

Cò aig a tha truas? – AS2 (Buidheann FilmG)

‘S e sgoilear Gàidhlig a tha annam leig a-mach a-seo mi! AS1

Rionnag Trek – The Wrath of Khan Eil AS2 (Clas)

Bi An Toir AS5 le Roise agus Fionnlagh

Chuir a’ chlann a-steach tòrr obrach dhan na fiolmaichean agus tha sinn an dòchas gun cord iad riut!
Tha Àrd Sgoil Sheumais Ghilleasbuig air a dhèanamh gu math anns a’ cho-fharpais seo anns an àm a dh’fhalbh agus tha ur taic uamhasach fhèin feumail agus bhiomaid fad nur comann ma bheir thu bhòt dhan a h-uile fiolm!

Vote, vote, vote for our fantastic pupils’ film projects for the Film G competition!  They’ve made some fantastic, hilarious, dramatic, slick films! Give them your support!

Wednesday, 15 January 2014

Bliadhna Mhath Ùr agus Seann Bhliadhna Ùr Mhath cuideachd! SeumasGilleasbuig Vimeo

Fàilte air ais dhan sgoil airson 2014. Tha bliadhna mhòr romhainn ann an Alba am bliadhna-sa! Tha an ceathramh bliadhna a-mach an-dràsta air forladh nan deuchainnean agus bidh an fheadhainn air As5/6 a' falbh a dh'aithghearr.

https://vimeo.com/jghsgaidhlig
Tha Roinn na Gàidhlig air mòran iomairtean ùra a thoiseachadh bho chionn fhada agus tha sinn toilichte a ràdh gu bheil cunntas Vimeo againn far am bi sinn a' foillseachadh tòrr den stùth air leth a bhios ar sgoilearan a' dèanamh le teicneòlas agus na sgilean cleasachd aca.

Bho chionn ghoirid, bha As2 an-sàs ann am pròiseact far an robh iad a' dèanamh sgeulachdan beul-aithris. Bha seo air leth spòrsail agus tha cuid mhath de na bhideothan ri fhaicinn air Vimeo. Cuideachd, rinn iad aithrisean air an t-Earrach Arabach ann an Nuadh-eòlas agus sanasan mu stùth meanbh-chuileag nas tràithe sa bhliadhna.

Rinn AS1 tòrr fhiolmeadh am bliadhna-sa cuideachd. Tha sinn a' coimhead air adhart ri am filmG aca fhaicinn. Air Vimeo, chìthear grunn de na sanasan sàbhailteachd a rinn iad mar phàirt den aonad "Ordughan".

Cuideachd, tha fiolm no dhà eile ann bhon dà bhliadhna mu dheireadh. Tha sinn an dòchas gun còrd iad ri daoine.


Happy New Year! A big year ahead for Scotland and the Gaelic Department have launched a new Vimeo channel to showcase the great work our learners do within our courses. We hope you enjoy the videos, some of the acting is brilliant!