Chòrd an
turas miorbhaileach seo rinn gu mòr. A chiad latha, bha an dithis againn
uabhasach nearbhach, air sgàths nach robh sinn riamh air deasbad roimhe. Ach,
an dèidh dhuinn crìoch a chur air a’ chiad deasbad, mhothaich sinn nach robh e
idir cho dona ‘s a bha sinn an dùil. ‘S e cothrom sgoinneil a bh’ann daoine ùra
a choinneachadh bho feadh na dùthcha agus caraidean ùra a dhèanamh. Bha a h-uile
duine cho laghadh agus càirdeal dhuinn, agus bha gach sgioba a cur taic dhan a
h-uile sgioba eile, mar sin bha faireachdainn de choimhearsnachd shnog ann. Cha
d’rinn sinn cho math ‘s bha sinn an dòchas sa chiad deasbad, ach, dh’èist sinn
ri beachdan nam britheamhan agus mar sin
cha robh sinn cho nearbhach agus rinn sinn nas fhearr air an dara latha. Bha an
dithis againn glè dheidheil air a’ bhiadh, sa Chaladh agus an Lanntair! An dèidh
iomgain nan deasbadan, bha dinnear agus ceilidh spòrsail ann agus bha cothrom
againn fois a ghabhail. Bha ceòl agus dannsa na ceilidh sònraichte math, leis
leithid de shàr-chluicheadairean agus seinneadairean mar sin ‘s e oidhche làn
craic a bh’ann. Abair ‘after-party’ a bh’ann aig Tescos agus an residents
lounge, ‘s a h-uile sgoil a measgachadh ‘s a bruidhinn ann an Gàidhlig! Cha
robh am pleana dhachaigh a’ còrdadh rinn cho mòr sin, agus ‘s e turas gu math
inntinneach a bh’ann far an do leasaich sinn ar sgilean Gàidhlig, agus
bruidhinn air beulaibh na luchd-èisteachd. Tha sinn an dùil tilleadh an ath
bhliadhna gus barrachd ionnsachadh mu bhith deasbad, agus gus ar caraidean ùra
fhaicinn a-rithist.
Cara and Amy thoroughly enjoyed their trip to the National Debate in Stornoway. Despite their first round nerves, they both gave brilliant performances. As well as the competitive element of the event, they were pleased to get the opportunity to meet other young Gaelic speakers. Stornoway Tesco was another highlight, apparently!
Cara
NicLusgaidh agus Amy NicIlleChiar