Togalach Ùr!
’S fhada bhon a sgrìobh sinn an seo, ach gabhaibh ar
leisgeul…tha cùisean air a bhith rudeigin trang. An toiseach bu mhaith leinn a ràdh cho snog
agus tlachdmhor ’s a tha an togalach ùr – tha a h-uile duine air an dòigh ghlan
leis.
Tha an t-uabhas air tachairt san sgoil bhon a sgrìobh sinn
an seo mu dheireadh, agus cha ghabh innse ann am beagan fhaclan mun
deidhinn. Ach, tha sinn an-dràsta a’
dèanamh deiseil airson an turais dhan Eilean Sgitheanach agus is cinnteach gum
bi spòrs is fealla-dhà againn an sin.
Bu mhaith leinn leabhar a mholadh cuideachd: Struileag:
Shore to Shore/Cladach gu Cladach. Chaidh an leabhar seo a dhèanamh mar phàirt
den phròiseact eadar-nàiseanta Struileag a bha a’ toirt luchd-labhairt na
Gàidhlig bho air feadh an t-saoghail còmhla.
Am measg taisbeanaidhean, òrain agus dealbhan-cluiche, chaidh an leabhar
seo a dhèanamh sa bheil cruinneachadh de phìosan sgrìobhaidh bho bhàird is
ùghdaran ainmeil leithid Mhàrtainn Mhic an t-Saoir, Chatrìona Lexy Chaimbeul
agus…Fionnlagh Cunniffe agus Mikaela NicIlleMhìcheil!