Meal do naidheachd Fhionnlaigh Chunniffe a fhuair 'Duais nan Sgrìobhadairean Òga' am bliadhna. 'S e sàr-sgrìobhadair a th' ann gun teagamh agus bheir an duais seo cothrom dha a bhith ag obrachadh air na sgilean sgrìobhaidh aige le luchd-proifeasanta tron bhliadhna.
http://www.scottishbooktrust.com/writing/opportunities-for-writers/gaelic-young-writers-awards
Congratulations to Finlay Cunniffe who won the 'New Writers Award' this year. This award will give him the chance to work on his writing skills and work with professionals from the industry.
http://www.scottishbooktrust.com/writing/opportunities-for-writers/gaelic-young-writers-awards
Monday, 20 October 2014
Tuesday, 30 September 2014
Failte air ais!
Duilich nach deach mòran a sgrìobhadh air a’ bhlog bho
chionn goirid! Tha cùisean air a bhith cianail fhein trang mar às àbhaist.
An toiseach, bu mhaith leinn
fàilte chridheil a chur air Mgr. Neithercut a tha air tilleadh an dèidh
bliadhna ann am Forfair. Tha Mgr. Charity
gu sònraichte toilichte gu bheil cuideigin eile san roinn a-rithist!
Tha sinn a-nis a’ teannadh air
làithean-saora eile, ach tha an t-uabhas air tachairt bhon a thill sinn as deidh an t-samhraidh…
Chaidh sgoilearan S2/3 dhan fhèis
leabhraichean airson Màrtainn Mac An t-Saoir fhaicinn, còmhla ri sgoilearan
Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu – turas gu math inntinneach.
Chunnaic S5/6 dealbh-cluich ‘MacBeatha’
– an dealbh-chluich aig Shakespeare sa Ghàidhlig. Ged a bha a’ chainnt caran doirbh a
thuigsinn, chòrd an gnothach ris na sgoilearan glè mhath, is deagh chleasachd
ri fhaicinn.
Ghabh Fionnlagh agus Roise pàirt
san fharpais labhairt ‘Ri Chèile’ ann an Glaschu, far an do bhruidhinn iad air
Mac an t-Srònaich (Fionnlagh) agus ceanglaichean eadar Gàidhlig is Gaeilge
(Roise) air beulaibh sgoilearan agus tidsearan à Alba is Eirinn. Ged a bha eagal am beatha orra, nach iad a
bha math!
Fhuair sinn a-mach an-diugh gun
robh sinn gu math soirbheachail ann am farpais bhàrdachd ‘Struileag’ far an do
bhuannaich Fionnlagh a’ chiad duais agus Mikaela an dara duais! Abair deagh naidheachd.
Tha na sgoilearan cuideachd trang
ag ullachadh airson FilmG – tuilleadh dhuaisean air fàire ’s dòcha!
Sin agaibh blasad dhe na tha a’
dol san sgoil, agus feuchaidh sinn a bhith sgrìobhadh air a seo rud beag nas
trice, fhad’ s a shocraicheas cùisean!
Apologies for the lack of activity on the blog! Things will hopefully settle down now with the welcome return of Mr Neithercut.
A lot has happened since we returned from the summer holidays, including:
- S2/3 Book Festival trip
- S5/6 Gaelic Macbeth play at the festival
- Ri Cheile speaking competition with Scottish and Irish schools
- Finlay and Mikaela's prize winning poetry (Struileag)
- FilmG prep
We will do our best to keep this blog up-to-date!
Roise holding court at the Ri Cheile speaking competition Friday, 27 June 2014
Samhradh!!! Saor-làithean!!! Spòrs!!!
Abair bliadhna a bha againn aig Ard Sgoil Sheumais Ghilleasbuig! Tha sinn an dòchas gum bi deagh làithean-saora agaibh uile. Na bu thràithe am-bliadhna-sa, thug sinn soraidh slàn do dhithis cheatharnaich a thug buaidh mhòr air Gàidhlig aig an sgoil, Mgr Carruthers agus Mgr Stiùbhart. Tha doirbh a chreidsinn gur e dà bhliadhna bhon a thug iad sinne gu Conamara airson turas air leth (còmhla ri A' Bhean Ni Fallùin). Tha sinn a' guidhe gach sonas dhaibh anns an àm ri teachd. Tha Mgr Charity air a bhith caran aonaranach o chionn ghoirid ach tha caraidean ùra (agus seann charaidean) a' tighinn airson a chumail toilichte an ath bhliadhna - bidh barrachd naidheachd againn anns a' Bhliadhna (sgoil) Ùir!
PS Soraidh slàn le a' Bhean NicSuain aig Taobh na Pàirce cuideachd! Gur math thèid leibh!
What a year for Gaelic at James Gillespie's High School! Enjoy the Summer break! A belated farewell to two of our teachers, Mr Carruthers and Mr Stewart, who we will both miss tonnes for all the hard work they did for Gaelic in the School. Hard to believe it is two years since the awesome Connemara trip! Best wishes to them both! Mr Charity has been lonely recently, but he has some new friends (and some old friends) coming to keep him company next year. More news after the summer! Gabh spòrs!
PS Soraidh slàn le a' Bhean NicSuain aig Taobh na Pàirce cuideachd! Gur math thèid leibh!
What a year for Gaelic at James Gillespie's High School! Enjoy the Summer break! A belated farewell to two of our teachers, Mr Carruthers and Mr Stewart, who we will both miss tonnes for all the hard work they did for Gaelic in the School. Hard to believe it is two years since the awesome Connemara trip! Best wishes to them both! Mr Charity has been lonely recently, but he has some new friends (and some old friends) coming to keep him company next year. More news after the summer! Gabh spòrs!
Wednesday, 11 June 2014
Geamannan a' Cho Fhlaitheis
Tha sgoilearan air an treas bhliadhna ag ionnsachadh mu
gheamannan a' Cho Fhlaitheis, is iad a' toirt sùil air na dùthchannan a tha an
sàs ann agus na spòrsan a tha na lùib.
Eadar postairean snasail, prògraman t.bh. sgoinneil agus scrioptaichean
geura, tha iad air a bhith gu math dripeil!
Seo agaibh aon eisimpleir…
https://vimeo.com/97908628
The 3rd years have been working hard on their Commonwealth Games unit. Between informative posters, superb tv coverage and some sharply written scripts, they have been very busy! Here is one example.
https://vimeo.com/97908628
Tuesday, 6 May 2014
Deasbad an Referendum
Thèid deasbad tro mheadhan na Gàidhlig air neo-eisimilleachd
na h-Alba a chumail aig Oilthigh Dhùn Èideann air Diciadain 14mh den mhìos-sa, aig 18.30-19.30. Tuilleadh fiosrachaidh an
seo: http://edin.ac/1lR0kfI
An independence debate is being held by Edinburgh University. This debate will be in Gaelic and will take place at 18.30-19.30, Wednesday 14th May. More information here: http://edin.ac/1lR0kfI
Subscribe to:
Posts (Atom)


