Thursday, 7 November 2013

Deasbad BT Alba ann an Steornabhagh





Mar as àbhaist, chaidh an sgoil a riochdachadh aig Deasbad Nàiseanta BT Gàidhlig ann an Steòrnabhagh.  Am-bliadhna-sa, bha Gàidhlig Dhùn Èideann ga riochdachadh le Fionnlagh Cunniffe agus Raonaid Gracie on Chòigeamh Bliadhna agus ‘s math rinn iad ged a fhuair iad a’ bhròg o na britheamhan anns a’ chiad chuairt.
‘S e am moladh a bha aca, “Tha leasanan còcaireachd dhan a h-uile sgoilear nas cudromaiche na leasanan spòrs.” B’ fheudar dhaibh a dhol an aghaidh an t-seasaimh sin ge-tà, rud a bha gu math inntinneach airson Raonaid mar nighean tidseir eaconamas dachaigh!  Bha deasbad gu math faisg ann le Acadamaidh Hazlehead à Obar Dheathain agus ged a fhuair Fionnlagh tòrr moladh on luhd-èisteachd airson co-dhùnadh a rinn e suas air an spot, bha na britheamhan a’ coimhead son rudeigin eile agus fhuair Obar Dheathain troimhe.

An ath latha, fhuair iad an cothrom tadhal air Sgìre Nis còmhla ri Dòmhnall MacSuain on program teilidh, “Co-fharpaisean Chon-Chaorach” agus dh’inns e dhaibh mu dheidhinn dualchas is eachdraidh na sgìre. Thadhail iad air Comunn Eachdraidh agus air an taigh-sholais aig Rubha Robhanais agus air lot Dhòmhnaill, ged nach robh obair rùsgaidh no dupadh ri dhèanamh, ged a choinnich iad cearc is caora.
Rinn Fionnlagh agus Raonaid mòran charaidean ùra cuideachd air an oidhche aig ceilidhean agus chord an turas air fad riutha.  Taing do Mhgr Stiùbhart airson an toirt ann.

Bidh an iar-chuairt-dheireannach agus cuairt-dheireannach de Dheasbad BT Alba gan cumail anns a’ bhaile seo fhèin air 26 is 27 den t-Samhain, ‘s e Sgoil MhicNeacail, Sgoil Bhagh a’ Chaisteil, Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu agus Sgoil Lionacleit a rainig an ìre sin.. Feuch gun tèid thu, do phàrantan no do phàistean ann airson an tachartas iongantach seo.


Rachel Gracie and Finlay Cunniffe from S5 boldy represented the school at the BT National Gaelic Debates and were very unlucky to go out in the first round. They spent the next day in Ness learning about the history of the area. They enjoyed the trip and made many good friends.  The final rounds of the debate will be held in Edinburgh itself on 26 & 27 November.DEASBAD BT ALBA

Thursday, 31 October 2013

Turas dhan Chaisteal

Air an 29mh den Damhair, chaidh an dara bhliadhna air turas a dh'fhaicinn tri dha na h-aiteachan san do dh'fhuirich Mairi Banrigh na h-Alba.

B'iad Luchairt Ghlinn Iucha, Caisteal Chreig na Muilne agus Caisteal Dhun Eideann ar tri cinn-uidhe is abair gun robh latha trang againn!  Shiubhail sinn air an treana a Ghleann Iucha is thug sinn suil mun cuairt air an luchairt eireachdail a tha an sin.  Bha sinn fortanach leis gun robh Ann Paterson comhla rinn o Alba Aosmhor is dh'innis i dhi mu dheidhinn an aite agus eachdraidh na luchairt.

Thadhail sinn an uair sin air an da chaisteal ann an sgire Dhun Eidinn.  Bha a h-uile duine air an doigh gun robh latha math againn a-thaobh na side, is chur sinn seachad treis mhath a' coimhead Caisteal Chreig na Muilne is ghabh sinn greim bidhe ann an cuirt-lios a' chaisteil.

Mu dheireadh, chaidh sinn a Chaisteal Dhun Eideann.  Bha a' chlann air an doigh nuair a chunnaic iad gun robh am bhideo a rinn iad sa bhun-sgoil mun chaisteal fhathast a' cluich san ionad-failte - is gann gun aithneachadh Mr. Charity cuid dhe na h-aodannan oga!

Seo agaibh a' chiad cheum ann a bhith a' cruthachadh an leabhair mu Mhairi.  Sna miosan a tha romhainn, bidh an clas a' trusadh fiosrachaidh, a' gearradh dhealbhan agus a' cruthachadh goireas a theid a sgaoileadh air feadh na h-Alba.  Ar taing do dh'Alba Aosmhor airson am proiseact seo a chur air bhonn.

On the 29th of October, S2 went on a whirlwind tour of three of the Mary Queen of Scots' residences.

In one busy day, we managed to see Linlithgow Palace, Edinburgh Castle and Craigmillar Castle.

We were fortunate to have Ann Paterson from Historic Scotland with us on the day, and she gave the pupils some great insight into the history connected to these places.

A highlight for the pupils was seeing themselves on film at Edinburgh Castle.  This video that they made in primary was still being shown in the reception at the castle, much to S2's delight!  Mr Charity was having a hard time recognising some of the young faces!

This trip was the first step in the Mary Queen of Scots project, which will culminate in an information booklet about Mary and her various residences.  We are grateful to Historic Scotland for this opportunity.

Am Mod

Bu mhaith leinn a radh cho math is a rinn sgoilearan Sheumais Ghilleasbuig aig a' Mhod Naisteanta bho chionn ghoirid.  Bha grunn mhath sgoilearan an sas ann an caochladh fharpaisean is bu choir dhaibh uile a bhith proiseil mu na rinn iad.

Monday, 23 September 2013

Co-fhairpisean is cothroman


Dh’fhàg Laura Nic a’ Phearsain agus Lola Stahl an sgoil tràth an-diugh, a’ dèanamh air Beul Feairste.  Tha iad gus pàirt a ghabhail san fhairpis bhlaidhnail ‘Ri Chèile’ far am bi sgoilearan na Gàidhlig agus na Gaeilge a’ tighinn còmhla gus an sgilean labhairt a thaisbeanadh.  Bruidhnidh sgoilearan air diofar chuspairean, a thaghadh iad fhèin, is thèid am breithneachadh a-thaobh susbaint, stoidhle agus mar sin air adhart.

Gura math thèid leotha!

Tha AS2 cuideachd a’ dol a bhith ag obair air pròiseact an co-bhonn le Alba Aosmhor, far am bi iad a’ cruthachadh leabhair mu Mhàiri Banrìgh na h-Alba – tuilleadh fiosrachaidh ri thighinn!

An teirm ùr


Tha gnothaichean gu math diofraichte am bliadhna aig Àrdsgoil Sheumais Ghilleasbuig.  Tha an sgoil a-nis suidhichte eadar dà làrach, is na sgoilearan ann an AS4-AS6 shìos an rathad anns an togalach ris an canar ‘Darroch’.

Ged a tha seo air a bhith caran àraid, tha tidsearan agus sgoilearan a’ fàs cleachdte ris.

Chan e sin an t-aon rud a dh’atharraich am bliadhna ge-tà – gu mì-fhortanach (dhuinne) ghluais Mgr. Neithercut à dh’Fhorfair a dhol an ceann a chosnaidh san Àrdsgoil an sin.  ’S e call mòr a tha sin dhan sgoil seo, ach tha sinn a’ guidhe gach soirbheas dha na dhreuchd ùr.

Chuir sinn fàilte air na sgoilearan mu dheireadh bho Chrois na Cìse cuideachd, is tha iad a’ dèanamh glè mhath gu ruige seo.  Tha e gu math brosnachail a bhith a’ faicinn àireamh nan sgoilearan a’ dol am meud.

Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bliadhna thrang, shoirbheachail eile!

Friday, 24 May 2013

Corra dhealbh

'S e seo corra dhealbh a fhuair sinn de na sgoilearan againn air latha a' Mhoid mios sa chaidh, a h-uile coltas ann gun robh latha air leth aca uile!





Wednesday, 8 May 2013

Mòd Ionadail Dhùn Èideann

Ghabh mòran sgoilearan 'Ghilleasbuig pàirt anns a' Mhòd sa Ghiblean.  Nochd sluagh mòr airson na fairpis bliadhnail is bha latha air leth aig a h-uile duine a bha an sàs innte.

Rinn clann na h-àrd-sgoile fìor mhath, is iad a' cosnadh cnap mòr dhuaisean anns na diofar fairpisean. Bha na britheamhan uile gu math toilichte le na fairpisichean, a-thaobh ìre an cuid Ghàidhlig agus cho misneachail 's a bha iad air an àrd-ùrlar.  Bha na tidsearan cuideachd uabhasach moiteil asta, is iad a' taisbeanadh nan sgilean aca air beulaibh an t-sluaigh.

Tha sinn mar-thà a' smaoineachdainn mun ath-bhliadhna, feuch am faigh sinn tuilleadh fhairpisichean an sàs sa ghnothach.

Bu mhath leinn taing mhòr a thoirt do mhuinntir a' Mhòid.  Chuir iad latha sònraichte air dòigh agus tha sinn fada nan comainn airson an cothrom seo a thoirt dhuinn.

Chithear an liosta slàn de na toraidhean an seo:
http://edinburghlocalmod.wordpress.com/2013/04/14/results-2013/


Many student at JGHS took part in the Edinburgh Mòd last month.  A big crowd turned out for the annual competition and a fantastic day was had by all.

The JGHS cohort did very well on the day, taking home a good stack of medals.  The judges were very complimentary regarding their level of Gaelic and how confident and comfortable they were on the stage.  The teachers were also very proud to see pupils exhibit their talents for all to see.

We are already looking ahead to next year, especially in terms of increasing the participation of JGHS pupils.

A huge thanks goes to the organisers.  It was an excellent competition and we are very grateful to them for allowing us the chance to participate in such an event.

Full results can be seen here:
http://edinburghlocalmod.wordpress.com/2013/04/14/results-2013/